Tuesday, October 15, 2019
The skye times mobile

A new Gaelic language play about climate change is nearing the end of a Gaelic medium primary schools tour.

An Rabhadh (The Warning), performed by Artair Donald and Katie Hammond, highlights the concerns regarding climate change and points to the positive changes that can be made to reduce waste and our carbon footprint.

The tour, which started at the end of August, will ultimately visit 47 schools across Scotland, taking in the central belt, Perthshire, Aberdeen, Argyllshire, Skye and Lochalsh and the Western Isles. The final leg will include visits to schools in the Highland Council area, East Kilbride and the Isle of Tiree.

Aimed at upper primary pupils, the play has been produced through Fèisean nan Gàidheal's Gaelic language theatre-in-education project Meanbh-chuileag and was written and directed by Angus Macleod, Drama Officer with Fèisean nan Gàidheal. 

Angus explained: "The play features two environmentally-friendly aliens who are on a mission to rescue Earth in the year 2119. Unfortunately they find that reversing the effects of environmental damage is not possible but a time-travelling gizmo enables a journey back to 2019 to warn the planet's occupants before it's too late."

Artair Donald, who plays An Comandair, lives in Glasgow and is originally from Tiree. He has many years of acting experience under his belt, on stage and on television as Coinneach in Machair and more recently in Outlander. Off-stage Artair is regularly involved in Gaelic drama development providing direction and tuition to school and community groups.

Katie Hammond, from Coatbridge, who has two roles in the play as Information Officer Ailigina and the Glaswegian earthling Laura, recently graduated in Acting and Theatre Performance from Glasgow Kelvin College. In September last year Katie participated in Fèisean nan Gàidheal's Dràma air Chuairt project and at the end of the year she also appeared in Fèisean nan Gàidheal's Gaelic Pantomime, which tours nationally each year

The production and tour delivered through Fèisean nan Gàidheal's Fèisgoil service have been made possible by funding from Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland and Highlands and Islands Enterprise. 

Rabhadh mu Staing na Gnàth-shìde an cois Dealbh-chluich Ùr
https://www.feisean.org/blog/2019/10/07/rabhadh-mu-staing-na-gnath-shide-an-cois-dealbh-chluich-ur-2/

Tha dealbh-chluich ùr mu atharrachadh na gnàth-shìde aig deireadh turas nàiseanta soirbheachail do bhun-sgoiltean Gàidhlig. Tha An Rabhadh a th'air a thaisbeanadh le Artair Donald agus Ceitidh Hammond a' toirt sùil air na draghan a th'ann co-cheangailte ris a' chuspair is thèid stiùireadh a thoirt seachad a thaobh na h-atharraichean feumail a ghabhas a chur an gnìomh gus sgudal agus ar lorg carboin a lùghdachadh.

Bidh an turas, a thòisich aig deireadh an Lùnastail, a' taisbeanadh na dealbh-chluiche do chorr is 1300 sgoilear bho 47 bun-sgoil bho air air feadh Alba, a' gabhail a-steach meadhan na dùthcha, siorrachd Pheairt, Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal, an t-Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse agus na h-Eileanan an Iar. Bidh an earrann mu dheireadh den turas a' tadhal air sgoiltean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, Cille Brìde an Ear agus Eilean Thiriodh.

Ag amas air sgoilearan eadar clas a còig agus clas a seachd, chaidh an dealbh-chluich a sgrìobhadh 's a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal. Mhìnich e "Anns an dealbh-chuich thèid eòlas a chur air dithis chreutairean-fànais, Comandair an long-fhànais (Artair Donald) is a cho-oibriche Ailigina (Ceitidh Hammond) is an dùbhlan a tha romhpa Talamh a shàbhaladh ann an 2119. Gu mi-fhortanach tha àrainneachd na planaid ann am fìor droch staing 's ged nach eil e coltach gu bheil dòigh ann cùisean a leasachadh tha uidheam ùr aig Ailigina a leigeas le aon duine siubhail air ais tro thìm is rabhadh a thoirt seachad do mhuinntir na planaid ann an 2019."

'S e An Comandair an caractar a th'aig Artair Donald, a tha fuireach ann an Glaschu ged is ann bho Eilean Thiriodh a tha e bho thùs. Tha torr eòlais aig Artair mar chleasaiche air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a chamara mar Coinneach ann am Machair agus bho chionn ghoirid nochd e ann an Outlander. Mura h-eil e ri cleasachd bi Artair gu cunbhallach an lùib obair leasachaidh dràma na Gàidhlig a' toirt stiùir is oideachadh do bhuidhnean sgoile is buidhnean coimhearsnachd a lìbhrigeadh bùthan-obrach dràma no a' stiùireadh dealbhan-cluiche.

'S ann à Coatbridge a tha Ceitidh Hammond agus tha dà charactar aice san dealbh-chluich mar an t-Oifigear Fiosrachaidh Ailigina agus Laura, deugaire à Talamh. Cheumnaich Ceitidh bho chionn ghoirid le teisteanas ann an cleasachd bho Glasgow Kelvin College. An uiridh ghabh Ceitidh na cleasaiche anns a' phròiseact Dràma air Chuairt aig Fèisean nan Gàidheal agus aig deireadh na bliadhna bha i na cleasaiche san dealbh-chluich Nollaig aig Fèisean nan Gàidheal, a bhios a dol air turas nàiseanta a h-uile bliadhna.

Chaidh an dealbh-chluich 's turas a' riochdachadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn An Rabhadh no na pròiseactan dràma eile a th'aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

Site created by Intermedia Services (Stornoway) Ltd © 2017